en fy eu mk sl ga

Focail Eile

2018-11-05 20:00 —

Faclan à Dùthaich nam Basgach


Chuala a’ Cholaiste an t-seachdain a chaidh mar a dh’fhaodas sinn pàirt a ghabhail ann am pròiseact Eòrpach a tha a’ brosnachadh litreachas ann am mion-chànan na Roinn-Eòrpa. Thàinig Imanol Galdos air chuairt chugainn à Tìr nam Basgach, far a bheil e na Iar-Stiùiriche air Donostiya Kultura, no Roinn a’ Chultair aig Comhairle Bhaile San Sebastian. ‘S e fear de bhailtean mòra beothail Dhùthaich nam Basgach a tha ann an Donostia (San Sebastian san Spàinnis), agus ‘s e Roinn a’ Chultair an roinn as motha sa Chomhairle, le 260 neach ag obair innte.

Le spèis cho mòr do chultar, is beag an t-ioghnadh gur e riochdairean às a bhaile seo a tha a’ stiùireadh Beste Hitzak no Faclan Eile, pròiseact mòr Eòrpach a tha a’ toirt chothroman do sgrìobhaichean ann am mion-chànanan Eòrpach. Thuige seo, tha sgrìobhadairean à Èirinn, Slovenia, Macedonia, Frìoslann, Curaçao (mar chuid dhan Òlaind) agus Dùthaich nam Bascach fhèin air cothroman fhaighinn ùine a chur seachad ann an tè na dùthchannan agus sgrìobhaidhean ùra a chruthachadh.

Thèid an obair fhoillseachadh nan cànan fhèin (agus cuideachd ann am Beurla) tron phròiseact seo. Ged a bha Gàidhlig na h-Èireann an luib a’ phròiseict, cha robh Gàidhlig na h-Alba. Ach bha luchd-riaghlaidh a’ phròiseict gu mòr airson Gàidhlig a bhith na luib, agus na bu tràithe am-bliadhna thòisich iad a’ sireadh iarrtasan bho sgrìobhadairean Gàidhlig, agus iad a’ tathann àite mar ‘chànan air aoigheachd’. Cò fhuair an cothrom seo ach Rody Gorman againn fhìn – bidh cuimhne agaibh mar bhiodh bloighean bàrdachd a’ tighinn thugainn air post-d à Maribor ann an Slovenia feadh an t-samhraidh. 

Air ais anns an Iuchar fhuair an Sabhal Mòr feuchadh agus chuir sinn Mark Wringe gu coinneamh ann an Leeuwarden, Baile Chulturail na h-Eòrpa, far an do dh’ionnsaich e gu robh ceanglaichean làidir mar tha eadar an Sabhal Mòr agus feadhainn de na sgrìobhadairean Èireannach. Thàinig dithis dhiubh air cùrsaichean goirid as t-Samhradh, agus tha a’ bhan-bhàrd Èireannach Aifric Mac Aodha, a bha air fòrladh sgrìobhaidh ann an Leeuwarden tron phròiseact, eòlach gu leòr oirnn – bha a bràthair na oileanach an seo o chionn grunn bhliadhnachan. 

Tha Imanol agus sgioba nam ‘Faclan Eile’ airson ‘s gum bi làn chom-pàirteachas aig Gàidhlig na h-Alba san ath cheum dhen phòiseact, agus iad a’ cur iarratas gu ciste Eòrpach an-dràsta gus am pròiseact a shìneadh airson trì bliadhna eile. ‘S ann air an adhbhar sin a thàinig e thugainn a dh’ionnsachadh tuilleadh mu dheidhinn obair na Colaiste, agus na tha sinn a’ dèanamh a thaobh sgrìobhaidh agus cultair. Tha ùidh mhòr aig a’ Cholaiste sa phròiseact, agus bha ùidh mhòr aig Imanol anns na h-iomairtean ealain againne, nuair a mhìnich Donnie Rothach, Sophie NicSteafain agus Kath NicLeòid feadhainn de na rudan anns a bheil an Sabhal Mòr an sàs. Chuir Sophie fàilte air ann am Basgais, agus i air ùr-thilleadh à Dùthaich nam Basgach. Tha Sophie, a thog na dealbhan seo, air pàirt a ghabhail ann an grunn chuirmean is fhèisean ann. Agus nuair a thug Kath is Mark Imanol air chuairt mun Cholaiste agus chun nan goireasan ann an togalach FÀS dh’ionnsaich sinn gu robh cuimhne bhlàth aig Alasdair MacAoidh air Donostia, an dèidh a bhith a’ busgadh ann! 

Tha fiosrachadh mionaideach mun phròiseact air an làrach-lìn aca http://otherwordsliterature.eu/

Taing mhòr dhan a h-uile duine a choinnich ri Imanol Galdos, agus gu sònraichte gu Kath NicLeòid airson gnothaichean a chur air dòigh. Tha sinn uile an dòchas gun tèid an dàrna ceum dhen 

phròiseact air adhart, agus gum bi sgrìobhadh Gàidhlig agus an Sabhal Mòr na teis-meadhain. B’e seo a’ chiad chuairt a bh’ aig Imanol Galdos dhan Eilean Sgitheanach agus gu Gaidhealtachd na h-Alba – agus tha sinn an dòchas gun till e.